Eilean Uibhist Mo Rùin Lyrics & Tabs by Dòchas
Eilean Uibhist Mo Rùin
guitar chords lyrics
Eilean Uibhist mo rùin
Eilean cùbhraidh nam beann
Eilean Uibhist mo rùn
B'e mo dhùrachd bhith ann
An Eilean Uibhist mo rùn
B'e mo shòlas bhith air m' eòlas
San eilean bhòidheach ud thall
Far am faic mi mo chà irdean
'S gheibhinn fà ilte nach gann
An Eilean Uibhist mo rùn
Far am faic mi fìr òga
Ghearradh mòine nan deann
'S a ghearradh snasail an t-eòrna
'S a chuireadh dòrlach sa bhann
An Eilean Uibhist mo rùn
'S a ghearradh snasail an t-eòrna
'S a chuireadh dòrlach sa bhann
An Eilean Uibhist mo rùn
Far am faic mi fìr liatha
Glic-bhriathrach nan cainnt
Mean-bheachdach sean-eòlach
A' toirt seòladh don chloinn
An Eilean Uibhist mo rùn
Far am faic mi mnathan uasal
Aoigheil, uallachal, trang
Tha ro-ainmeil nan stòltachd
'S an gnìomh dòigheil nan là imh
An Eilean Uibhist mo rùn
Tha coibhneas is bà igh
'Gabhail à it' ann an com
Gach neach a chaidh à rach
Fo sgà ile nam beann
An Eilean Uibhist mo rùn
Bi aoigheachd is fà ilte
Gu brà th feadh nan gleann
Fad 's a bhuaileas air trà igh
Boinne sà ile nan tonn
An Eilean Uibhist mo rùn
'S e slà n leis na dh'fhà g mi
Bheir mo dhà n-sa gu ceann
'S le m' phiuthar, 's le m' bhrà ithrean
'S le m' phà rantan thall
An Eilean Uibhist mo rùn
Eilean cùbhraidh nam beann
Eilean Uibhist mo rùn
B'e mo dhùrachd bhith ann
An Eilean Uibhist mo rùn