Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin Lyrics & Tabs by Julie Fowlis

Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin

guitar chords lyrics

Julie Fowlis

Album : Mar a Tha Mo Chridhe (As My Heart Is)PlayStop

Òladh neo na òladh càch i
Biodh i làn aig ceann a' bhùird

Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin

Chunnacas bàt' air an fhairge
'S an làimh dhearg air an stiùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin

Chunnaic mi dol seach' an caol i
'S badan fraoich 's an t-slait shiùil


Chunnaic mi dol seach' an caol i
'S badan fraoich 's an t-slait shiùil
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin

Fhir a chunnaic air an t-sàil i
Beannaich an long bhàn 's a criùdh'
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin

Beannaich a cruinn àrd 's a h-acfhuinn
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
A cuid acraichean 's a siùil

Ged a tha mi 'n seo an Colla
B' e mo thoil a dhol a Rùm
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin

Agus as a sin a dh' Uibhist
Nan d' fhuair mi mo ghuidhe leam
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Deoch slàinte le fear an tùir
Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin

Like us on Facebook.....
-> Loading Time :0.0071 sec